BBC Naidheachdan

Bàt-aiseig ùr Ratharsair ga cur air bhog

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionTha dùil gum bi i a' frithealadh an eilein as t-Samhradh 2013.
Chaidh bàt-aiseig ùr Ratharsair a chur air bhog aig gàradh MhicFhearghais air Linne Chluaidh aig 2:00f Diluain.
Seo a' chiad tè de shoithichean ùra Chal Mac a tha a' cleachdadh cumhachd an dealain a bharrachd air diesel.
Tha dùil gum bi i air slighe Ratharsair as t-Earrach.
Tha dà bhataraidh mhòr oirre, a thèid a lìonadh air an oidhche, is cumaidh sin 20% den chumhachd ris an t-soitheach, a' lùghdachachadh na tha i a' caitheamh de dheiseil.
Bidh i comasach air 23 càr agus 150 neach-siubhail a ghiùlain.
Chosg an soitheach £11m, is bidh bàta eile den aon t-seòrsa deiseil an ceann sia mìosan.
Seo a' chiad turas a chaidh bàta coimearsalta a thogail agus a chur air bhog air chluaidh ann an còig bliadhna.
Tha obair a' dol an-dràsta gus cidhe Sconnsair san Eilean sgitheanach a leasachadh.
Tha duil gun tòisich deuchainnean air an t-slighe as t-Earrach, agus gum bi i a' frithealadh mhuinntir Ratharsair goirid às dèidh sin.
Tha sluagh an eilein air a bhith a' crionadh, agus tha dùil gun toir an soitheach ùr cuideachadh, le bhith a' cur feum air criutha nas motha na th' air a' bhàt-aiseig a th' ann an-dràsta.
Tha triùir air gach sioft ag obair air an MV Loch Struigheann an-dràsta. Bidh feum air còignear air an MV Halaig, a' cruthachadh ceithir obraichean ùra.