Taghadh Chupa MhicAmhlaidh

Gleann Urchadain Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bhuannaich Gleann Urchadain Cupa MhicAmhlaidh 'son a' chiad uair ann an 2012.

Tòisichidh Gleann Urchadain an oidhirp Cupa MhicAmhlaidh a ghlèidheadh le geama air falbh an aghaidh nan nàbaidhean aca, Lòbhat.

Chaidh an taghadh son farpais 2013 a dhèanamh san Òban air an deireadh-sheachdain.

Bidh Gleann Urchadain a' dìon na farpais a bhuannaich iad 'son a' chiad uair ann an 2012 ach gu dearbha cha bhi e furasta dhaibh ann an Cill Targhlain.

Chaidh nàbaidhean Loch Abair a thaghadh còmhla cuideachd agus An Gearasdan gu bhith aig an taigh an aghaidh Cille Mhàillidh.

'S e deagh chothrom a bhios ann do Chille Mhàillidh sealltainn gu bheil iad comasach ceann a' mhaide a chumail ris na nàbaidhean aca, fiù 's ged a chaill iad an t-àite aca sa Phrìomh Lìog am bliadhna.

Tadhlaidh Ceann Loch Seile air Ceann a' Ghiuthsaich is cha bhi dad de dh'eagal orra às dèidh dhaibh sgioba Bhàideannaich a chur a-mach à Cupa na Camanachd ann an 2012.

Sa gheama eile sa chiad chuairt sa cheann a tuath bidh Bail' Ùr an t-Slèibh aig an taigh an aghaidh Loch Abair.

Rinn am Bail' Ùr a' chùis air Loch Abar 5-1 ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais am bliadhna, ach bha gnothaichean gu math nas fhaisge ann an Cupa na Camanachd, is am Bail' Ùr a' faighinn buaidh 1-0.

Soirbheachail

Chaidh na sgiobaidhean as soirbheachaile sa cheann a deas sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, Caol Bhòid is Inbhir Aora, a chumail bho chèile.

Bidh sgioba Thaigh na Bruaiche a' siubhail tarsainn air na Caoil Bhòdach 'son cluich an aghaidh nan eileanach agus bidh Inbhir Aora aig an taigh an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Ràinig Camanachd an Òbain a' chuairt dheireannach ann an 2012 is tòisichidh iad an iomairt aca an ath-bhliadhna air falbh an aghaidh Ghlinn Urchaidh.

Sa gheama eile aig deas bidh Ceilteach an Òbain aig an taigh an aghaidh Thaigh an Uillt.

Tha an taghadh iomlan mar a leanas;

Tuath

A' chiad chuairt

An Gearasdan - Cille Mhàillidh

Ceann a' Ghiuthsaich - Ceann Loch Seile

Lòbhat - Gleann Urchadain

Bail' Ùr an t-Slèibh - Loch Abar

An dàrna cuairt

Bail' Ùr an t-Slèibh / Loch Abar - An Gearasdan / Cille Mhàillidh

Ceann a' Ghiuthsaich / Ceann Loch Seile - Lòbhat / Gleann Urchadain

Deas

A' chiad chuairt

Eilean Bhòid - Caolas Bhòid

Ceilteach an Òbain - Taigh an Uillt

Gleann Urchaidh - Camanachd an Òbain

Inbhir Aora - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

An dàrna cuairt

Ceilteach an Òbain / Taigh an Uillt - Inbhir Aora / Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

Gleann Urchaidh / Camanachd an Òbain - Eilean Bhòid / Caolas Bhòid

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile