Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jacintha Saldanha

Chaidh innse do rannsachadh mu bhàs nurs a fhreagair cleas-fòn aig an ospadal anns an robh Bana-dhiùc Chambridge ann an Lunnainn an t-seachdain seo chaidh, gun deach a faighinn a' crochadh anns an ospadal. Chaidh corp Jacintha Saldanha fhaighinn aig Ospadal an VII Rìgh Eideard Dihaoine seo chaidh, trì là an dèidh do stèisean rèidio an Astràilia a' char a thoirt aiste nuair a thug iad a chreidsinn oirre gur e a' Bhànrigh agus am Prionnsa Teàrlach a bh' annta.

Co-ionnanachd

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil trioblaidean bunaideach a' fàgail sgaradh mòr fhathast eadar slàinte dhaoine bochda na h-Alba agus an fheadhainn as fheàrr dheth. Agus tha an aithisg ag ràdh nach eil e idir follaiseach càite a bheil an t-airgead a tha Bùird Shlàinte agus Comhairlean a' cosg a' dol.

Siria

Chaidh aithris gun deach 16 duine a mharbhadh agus còrr is 25 duine a leòn le ionnsaigh boma ann an càr ann an Siria. Bha an spreadh ann am baile Qatana 15 mìle n iar-dheas air a' phrìomh bhaile, Damascus.

An t-Aonadh Eòrpach

Bheir Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, aithris do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh air ballrachd Alba neo-eisimeilich anns an Aonadh Eòrpach. Aig an dearbh àm, ghluais ministearan ionmhais na h-Eòrpa nas fhaisge an-raoir air aon bhuidhinn riaghlaidh a chur os cionn bhancaichean Sòn an Euro. Fon phlana bhiodh Meadhan-bhanca na h-Eòrpa a' cumail sùil air 200 de na bancaichean as motha.

Fracadh

Thug an Riaghaltas ann an Lunnainn cead seachad an-diugh airson tòiseachadh as ùr air gas a thoirt às an talamh leis an dòigh tollaidh chonnspaidich ris an canar Fracking. Chaidh stad air companaidh a bha a' tolladh far chosta Lancashire an-uiridh, agus e coltach gur e sin a rinn dà chrith-thalmhainn bheag ann am Blackpool. Thuirt an Rùnaire Chumhachd, Ed Davy, gum bi riaghailtean ùra ann airson smachd a chur air an dòigh-obrach seo agus cunnart bho chrithean-talmhainn eile.

Plana Gàidhlig HIE

Dh'fhoillsich Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean am plana Gàidhlig, 's iad a' cur na Gàidhlig na pàirt de sgìre ioma-chultarail agus ioma-chànanach. Thuirt HIE gum biodh sin eadar tuilleadh in-imrich à cultairean is dùthchannan eile, ach cuideachd a' leasachadh air dualchas na sgìre fhèin.

Cumhachd nan Tonn

Tha dùil an ceann beagan sheachdainnean ri co-dhùnadh air sgeama cumhachd mara ann an Leòdhas agus e coltach a-nise gu bheil Dualchas Nàdair na h-Alba riaraichte leis. Cha robh SNH a' cur taic ri pròiseact Aquamarine Power, agus dragh orra nach robh fiosrachadh gu leòr ann mun bhuaidh air an àrainneachd.