BBC Naidheachdan

Co-dhùnadh air fàire mu sgeama cumhachd

Published
image copyrightAQUAMARINE POWER
image captionBu chòir gun tig co-dhùnadh air cead-dealbhachaidh 'son na pròiseict far chosta siar Leòdhais an ceartuair.
Tha dùil gun tig co-dhùnadh air sgeama cumhachd mara ann an Leòdhas an ceann beagan sheachdainean, is a' chompanaidh a th' air a chùl ag ràdh gun d'fhuair iad seachad air na cnapan-starra a bha mun coinneimh.
Chuir Aquamarine Power planaichean air adhart son innealan a chur air grunnd na mara far chosta siar Leòdhais.
Tha iad ag ràdh gum bi e comasach dhaibh 40MW de dhealan a thoirt à cumhachd nan tonn san leasachadh far chladach Bhuirgh.
Cha robh Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) an toiseach airson taic a chur ris a' phròiseict, 's iad a' faireachdainn nach robh fiosrachadh gu leòr ann airson tomhas ceart a dhèanamh air a' ghnothach.
Bha ceist air a' bhuidhinn gu sònraichte mun bhuaidh air beathaichean mara.

Farsaing

Tha Aquamarine Power a-nise air fiosrachadh nas fharsaing a thoirt dhan bhuidhinn ghlèidhteachais ge-tà, is thuirt SNH gu bheil iad riaraichte nach toir an sgeama droch bhuaidh air an àrainneachd.
Thàinig Aquamarine gu aonta cuideachd a dh'fhàgas gum bi e fhathast comasach do dh'iasgairean giomaich a ghlacadh san sgìre.
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iadsan a-nise deònach an làn-thaic a chur ris a' phròiseict.
Thuirt Aquamarine gu bheil iad air na duilgheadasan air fad a bh' aca a rèiteach is gu bheil iad a' feitheamh air co-dhùnadh deireannach bho Riaghaltas na h-Alba.
Bidh a' phròiseact ge-tà, an urra ri càbal a' Chuain Sgìth is ceistean gu leòr ann fhathast a thaobh na chosgas an càbal is cuin a bhios e ann.