BBC Naidheachdan

Deigh ri fhaotainn aig Cala Steòrnabhaigh

Published
Thuirt Ùghdarras Port Steòrnabhaigh gu bheil deigh ri fhaotainn anns a' bhaile a-rithist do dh'iasgairean is eile, an dèidh grunn mhìosan às a h-aonais.
Bhrist gàradh deighe Co-chomainn Iasgairean Steòrnabhaigh anns an t-Sultain.
Bhon uair sin b' fheudar do dh'iasgairean siubhal a dh'Uibhist, an t-Eilean Sgitheanach neo Loch an Inbhir, gus deigh gu leòr fhaighinn a leigeadh leotha a dhol gu muir.
Tha inneal deighe ùr aig a' chala air màl an-dràsta, gus an tèid sgrùdadh a dhèanamh air mar as fhèarr a ghabhas gàradh deighe ùr a chruthachadh anns a' bhaile.