Uàrd fhathast dùinte aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha Uàrd 3A ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis fhathast dùinte is aona euslainteach a' fulang leis a' ghalair Noro-bhìoras.

Bha dùil gun tòisicheadh obair-glanaidh mhionaideach air an uàrd Diciadain, is co-dhiù dà là ann bho bha euslainteach sam bith tinn leis a' ghalair.

Leis gu bheil an galair fhathast ann ge-tà, chan urrainn dhan obair tòiseachadh gu co-dhiù Dihaoine.

Tha an uàrd air a bhith dùinte còrr math is seachdain ri linn mar a sgap an Noro-bhìoras.

Tha an galair a-nise air bualadh air naoinear euslainteach sa uàrd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile