BBC Naidheachdan

Rabhadh mu reothadh mòr

Published
image copyrightAP
image captionBheir adhar reothta às an Ruis sneachda mòr leatha an t-seachdain seo.
Tha dùil ri seachdain gu math fuar ann am mòran sgìrean, gu h-àraid air a' Ghàidhealtachd.
Dh'fhaodadh i a bhith cho fuar ri -15C, agus adhar fuar à Siberia a' tighinn thugainn.
Tha dùil gun tig sneachda mòr bho mheadhan na seachdain seo.
Air an t-seachdain seo chaidh, chaidh an t-sìde a b' fhuaire am Breatainn a' chlàradh ann am Bràigh Mhàrr, ann an Siorrachd Obar Dheathain, 's i aig -12.9C.
Chaidh -10.7C cuideachd a' chlaradh ann an Ceann a' Bhràiste ann an Cataibh.
Cha bhi an t-sìde cho dona 's a bha i ann an 2010 ge-tà, nuair a thuit i gu -20C ann am mòran sgìrean den dùthaich.