BBC Naidheachdan

Iarrtas connaidh bho MhacNèill

Published
image captionTha dragh ann nach eil farpais gu leòr am measg chompanaidhean connaidh sna h-Eileanan Siar.
Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, ag iarraidh air Oifis na Malairt Cothromaiche a dhol an sàs ann an còmhraidhean mu cò na companaidhean is urrainn connadh a thoirt às na tancaichean stòraidh ann an Steòrnabhagh ann an Leòdhas agus Loch a' Chàrnain ann an Uibhist a Deas.
An-dràsta, a rèir Mhgr MhicNèill, chan eil e soilleir an urrainn do chompanaidh ach Scottish Fuels agus Highland Fuels connadh fhaighinn às na tancaichean.
Tha Mgr MacNèill ag iarraidh gum biodh cothrom ann do chompanaidh sam bith eile a dh'iarradh tighinn a-steach dhan mhargaidh anns na h-Eileanan Siar.
Agus tha Mgr MacNeill ag ràdh gun dèan e strì an aghaidh àrdachaidh sam bith air faraidhean-aiseig dha làraidhean, ri linn RET a bhith ga thoirt air falbh bho chompanaidhean-bathair.
Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' moladh gun tèid a' phrìs an-àirde a-rithist as t-Earrach, ach tha Mgr MacNèill airson 's nach tachair sin idir.
"B'fheàrr leamsa nach tig àrdachadh idir," thuirt e.
"Bha mi a' sabaid an aghaidh an àrdachaidh a bh' ann, bha mi sa phrìomh iomairt airson RET a thoirt a-steach.
"Tha sinn a' cumail RET, feumaidh daoine cuimhneachadh gu bheil sinn ann airson chàraichean agus do luchd-siubhail air fad.
"Tha atharrachadh a' tighinn air bathair. B'fheàrr leam nach tigeadh sin.
"Feumaidh sinn a bhith mothachail dhan t-saoghal a th' againn, ach bidh sinn a' strì na aghaidh air a shon sin," thuirt e.