Stòras Uibhist a' càineadh SSE

Crann-gaoithe Image copyright Other
Image caption Tha Stòras Uibhist ag ràdh gu bheil SSE a' gabhail brath air a' chumhachd a th' aca.

Tha dàil bliadhna air pròiseact mhòr chumhachd ath-nuadhachail a tha san amharc ann an Uibhist.

Thuirt an t-uachdaran coimhearsnachd, Stòras Uibhist, a th' air cùlaibh a' phròiseict, gun cosg an dàil suas ri £500,000.

Tha iad a' coireachadh dàil ann an uidheamachd shònraichte a bhith a' tighinn bhon chompanaidh SSE.

Tha Stòras Uibhist ag ràdh gu bheil iad a' feitheamh air ''Switch-gear'' - uidheam a tha ga dhèanamh comasach na crainn a cheangal ris a' Ghriod agus an dealan a chur air falbh.

Gabhail brath

Tha tuath-gaoithe Loch a' Chàrnain air a bhith deiseil airson na h-uidheamachd a chur an-sàs o chionn dà mhìos.

Tha cathraiche na buidhne ag ràdh nach do chuir SSE òrdugh a-staigh ann an ùine gu leòr.

Tha Aonghas Mac 'IlleMhaoil den bheachd gu bheil SSE a' gabhail brath.

''Tha cumahchd aca (SSE) nach eil còir a bhith aca a thaobh a bhith a' cur air adhart phròiseactan mar seo, air sàileabh gu bheil iad fhèin airson a dhèanamh aig deireadh an là.

''Tha iad airson dealan a chruthachadh iad fhèin agus a reic. Tha iad airson cead a thoirt do dhaoine na ghabh iad a chur dhan ghriod.

''Tha tuilleadh 's a' chòrr chumachd aca. Tha iad a' gabhail brath air sin,'' thuirt e.

Chaidh beachd iarraidh air SSE mun chùis ach cha d'fhuairear freagairt gu ruige seo.