Tha Caley Thistle Inbhir Nis air adhartas mòr a dheanamh

Inverness CT manager Terry Butcher Image copyright SNS

Air an dearbh latha seo an-uiridh bha Caley Thistle Inbhir Nis aig bonn Priomh Lìog na h-Alba.

Bha ICT puing air dheireadh air Obar Dheathain agus puing eile air cùlaibh Hibs.

Tha atharrachadh mòr air tighinn air na trì sgiobaidhean sin am bliadhna - ach son a' mhòir chuid 's e Inbhir Nis a chuireas an t-iognadh as motha orra.

Tha Hibs agus Obar Dheathain aithnichte mar sgiobaidhean mòra san dùthaich seo - chan eil ach ochd bliadhna bhon a dh'eirich Inbhir Nis chun a' Phrìomh Lìog son a' chiad turas.

Chan eil sgioba Therry Butcher air crìochnachadh sa phrìomh leth den lìog riamh - ach tha coltas ann gun tèid aca air sin a dhèanamh am bliadhna.

Oidhche chiadain rinn iad an t-slighe a dh' Obar Dheathain is cothrom aig na Dons a dhol gu mullach na lìge - cha robh iomagain sam bith orra. Chan eil fada ann on a chuireadh e iognadh air daoine nam biodh Inbhir Nis air buannachadh aig Pittodrie.

Bhuannaich iad 3-2 ann an geam a shamhlaich an stoidhle cluich aca am bliadhna.

Tha sa chumantas barrachd na trì taghail air bhith 's na geamaichean aca - rud gu math tlachdmhòr do luchd-taic na sgioba. 'S iad an sgioba a th'air an àireamh as motha do thadhail a chur san lìog.

Ach tha trioblaidean a' tighinn an cois sin - tha iad buailteach tadhail a chall cuideachd.

Bidh iad toilichte leis an sgioba cuideachd is Butcher air an toirt còmhla airson glè bheag a dh' airgead.

Chan ann tric a gheibhear fiosrachadh mu na chosgas sgiobaidhean an SPL air cluicheadairean - ma chosgas dad idir - neo air turasdail an cuid chluicheadairean - ach tha cunntasan ionmhais a' chlub a' sealltainn gu bheil cosgaisean ICT nas lugha na cosgaisean nan sgiobaidhean mun cuairt orra san lìog, Obar Dheathain, Hibs agus eile.

Chaidh Caley Thistle Inbhir Nis a thoirt còmhla mar sgioba ochd deug bliadhna air ais is aig an am bha ùpraid mhòr mu dhèidhinn. An-drasta tha iad san treas àite sa Phrìomh Lìog agus san Iar Chuairt Dheireannaich do Chupa nan Coimhearsnachdan Albannach.

Tha là mòr eile aca Disathairne is iad a' cluich Ross County ann an Cupa na h-Alba.

Bha gu leòr do shluagh a' bhaile mi-thoilichte ann an 1994 - tha gu leor a bhios toilichte a-nis.