Tha Stèisean smàlaidh Shlèite an ìmpis dùnadh

Luchd-smàlaidh Image copyright bbc
Image caption Cha tàinig ach ceathrar air adhart airson na seirbhis a chumail a' dol

Tha e coltach gu bheil stèisean smàlaidh Shlèite san Eilean Sgitheanach dol a dhùnadh aig deireadh na seachdainn-sa.

Aig coinneamh phoblach san Damhair, cha tàinig ach ceathrar air adhart airson na seirbheis a chumail a' dol.

Thèid iarraidh air a' Bhòrd Smàlaidh mar sin an stèisean a dhùnadh.

Ma dhùineas an stèisean mar a tha dùil, bi muinntir Shlèite a' faighinn sheirbheis bho na stèiseanan san Ath Leathann agus A' Chaol.

Ualllach

Tha na stèiseanan sin pìos air falbh bho Shlèite agus tha uallach air cuid a tha fuireach sa sgìre mu dheidhinn.

Tha Ruairidh Moireach nam measg, thuirt e;

''Ma thig cùis èiginneach tha e coltach gum bi milleadh nas miosa ann nam bitheadh nam biodh seirbheis smàlaidh na b'fhaisge oirnn.''

Crionadh

A-rèir Mhgr Mhoirich se buille eile a bhitheas ann dhan sgìre agus seirbheisean a' sìor chrionadh.

''Tha sinn a faicinn an seo gu bheil na seirbhiesean a' teiche air falbh bho na sgìrean iomallach fad an t-siubhail.

''Chaill sin bho chionn bliadhna neo dha stèisean a' phoilis.

''Feumaidh sinn gabhail leis nach eil an t-seirbheis sin ann agus feumaidh daoine dìreach ma thig èiginn dhan t-seòrsa sin orra dèiligeadh ris as fhèarr 's as urrain dhaibh anns na sgìrean aca fhèin.''