BBC Naidheachdan

Comhairle a' diùltadh pàigheadh a bharrachd

Published
image copyrightReuters
image captionTha na maoir-sgoile a-nis a' diùltadh càil a bharrachd na na th' anns na cùmhnantan aca a dhèanamh.
Dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar pàigheadh a thoirt do na maoir-sgoile aca airson uairean-obrach a bharrachd a' dhèanamh.
Thuirt na maoir-sgoile a-nis nach dèan iad dad a bharrachd na th' anns na cùmhnantan aca.
Thuirt aon chomhairlichean gum bi na maoir-sgoile gu tric a' dèanamh barrachd na thèid iarraidh orra, 's gum fulaing iomadach rud ri linn a' cho-dhùnaidh seo.
"Feumaidh sin cuimhneachadh gu bheil na maoir-sgoile a' dèanamh tòrr a bharrachd air dìreach an rud a tha an tìotal aca a' toirt seachad," thuirt an Comh. Iain Moireasdan.
"Gu math tric 's iadsan, ma tha rud a' dol eadar sgoiltean, biodh e ball-coise no badminton 's rudan den t-seòrsa sin, 's e am maor an còmhnaidh a tha a' dèanamh a h-uile càil, snàmh 's rudan den t-seòrsa sin.
"Chaidh cantainn riutha nach fhaodadh iad seo a dhèanamh. 'S dè a-nis a tha a' dol a thachairt? Mur a dèan am maor e, feumaidh iad an uair sin tidsear a thoirt a-mach às an t-seòmar-clas airson seo a dhèanamh.
"Aig deireadh an là, dè an sàbhaladh a tha gu bhith ann?" thuirt e.
Cha robh a' Chomhairle deònach càil a ràdh mun chùis.