Fireannach ga shireadh air Ghàidhealtachd

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fireannach, 61, a th' air a bhith a dhìth ann an ceann a tuath Siorrachd Inbhir Nis.

Chan eil sgeul air an duine, a tha a' fuireach ann an sgìre Aigeas air Uisge Fharair, bho dh'fhàg e a dhachaigh airson dealbhan a thogail de bheathaichean fiadhaich Diciadain seo chaidh.

Tha na Poilis ag ràdh, às dèidh iomairt mhòr anns an robh luchd-teasairginn nam beann agus heileacoptair an sàs, gun deach na h-uidhir de dh'uidheamachd togail-dealbh a lorg ri taobh Dam Aigeas.

Tha am fireannach 5'10" de dh'àirde, 's e meadhanach mòr, le falt air a bhearradh gu chraiceann.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith dhan aithne cà bheil e, fios a chur air na Poilis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile