Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachd Ath-nuadhachail

Chaidh gealltainn le Rùnaire Cumhachd Bheatainn gun tèid oidhirp a dhèanamh gus piseach a thoirt air suidheachadh cumhachd ath-nuadhachail nan Eilean Siar. Thuirt Ed Davey gun dèan e na 's urrainn dha gus dèanamh cinnteach gun tèid leasachadh a thoirt air an roinn. Stèidhich an Rùnaire buidheann stiùiridh ùr fhad 's a bha e a' tadhail air na h-Eileanan Siar, agus e ag iarraidh gum biodh pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail sa choimhearsnachd cuideachd a' soirbheachadh.

Clàran an NHS

Tha am BBC air còrr is 300 clàr meidigeach bhon NHS fhaighinn a bh' air an cumail gu dìomhair thuige seo. Tha na clàran a' sealltainn mar a chaidh euslaintich a ghoirteachadh agus fiù 's mar a chaochaill feadhainn air sgàth droch chùraim bho sheirbheis slàinte na h-Alba. Feumaidh NHS na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh air a h-uile cùis far an deach rudeigin ceàrr às dèidh do dh'euslaintich a bhith air an toirt a-steach dhan ospadal. Tha Riaghaltas na h-Alba a-niste a' dèanamh sgrùdaidh èiginnich air an t-siostam.

BAE Systems

Thuirt aonaidhean BAE Systems airson an dà ghàradh aca ann an Glaschu gu bheil iad an dòchas gun tèid co-dhùnadh a dhèanamh sa bhad mu na gearraidhean a tha an ìmpis aca. Thuirt àrd-stiùiriche na companaidh, Nigel Whitehead, gum faodadh aon de na trì prìomh ghàraidhean ann am Breatainn dùnadh. Tha an treas làrach ann am Portsmouth, agus aithrisean air nochdadh gur e seo am fear a dhùineas. Tha na Làbaraich air a ràdh ge-tà, gum faodadh ceist neo-eisimeileachd na h-Alba obrachadh an aghaidh nan gàraidhean Albannach.

Binn Prìosain

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun tèid leudachadh air a' bhinn an tha ga thoirt seachad airson a bhith a' giùlain sgeine bho cheithir bliadhna gu còig bliadhna aig a' char as ìsle. Tha seo am measg mholaidhean a thig mu choinneimh na Pàrlamaid air an ath-bhliadhna. Tha ministearan cuideachd airson dèiligeadh ri daoine a tha a' faighinn a-mach às a' phrìosan, ach a tha ri eucoir a-rithist mus 'eil am binn aca fiù 's seachad.

Luchd de Dhrogaichean

Chaidh fireannach a thoirt an grèim às dèidh dha na Poilis lorg fhaighinn air canab anns am faodadh luach £2.5m a bhith. 'S ann aig a' chidhe aig Càrn Rìoghaine a fhuaireas lorg air na drogaichean.

UBS

Chaidh càin de cha-mhòr £30m a chur air a' bhanca às an Eilbheis, UBS, 's na h-ùghdarrasan mì-thoilichte mu stiùireadh na companaidh. Chaill cuideigin a bha ag obair dhaibh còrr agus £1bn tro mhalairt nach robh ceadaichte. Thuirt Ùghdarrasan nan Seirbheisean Ionmhais (FSA) gun do dh'fhailich e air UBS smachd èifeachdach a chumail air an oifis aca ann an Lunnainn.