Fear-caidheig air bàsachadh ann an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh
Bhàsaich fireannach às dèidh dhan chaidheig aige car a chur san uisge tràth madainn Didòmhnaich ann an Earra-Ghàidheal.
Chaidh fios a chur air maoir-chladaich Bhéal Feirste mu 06:00m.
Bha e còmhla ri dithis eile air Loch Fìn, agus chaidh iad uile a thoirt dhan ospadal ann an Ceann Loch Gilb.
Thathas a' tuigsinn gun robh am fireannach a bhàsaich na 20an.
Chaidh innse do a theaghlach.