BBC Naidheachdan

Companaidh togail cidhe ga sireadh

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionTha leasachadh mòr ga thoirt air cala Loch Baghasdail.
Thathas ceum nas fhaisge air cidhe ùr fhaighinn ann an Loch Baghasdal, an Uibhist a Deas.
Tha am pròiseas tairgse air tòiseachdainn gus companaidh a lorg airson an obair a dhèanamh.
Tha còig companaidhean a' farpais airson a' chùmnaint.
Chuir an t-uachdaran coimhearsnachd, Stòras Uibhist, £10m mu seach airson am pròiseact a thoirt gu buil.
Tha an cidhe ùr mar phàirt de leasachadh nas fharsainne air cala Loch Baghasdail.