Buaidh ICT aig Parkhead

Terry Butcher Image copyright SNS
Image caption Bha Terry Butcher air a dhòigh le mar a chaidh ICT.

Rinn Caley Thistle eachdraidh Disathairne nuair a bhuannaich iad 1-0 an aghaidh Celtic aig Parkhead.

B'e seo a' chiad turas a bhuannaich sgioba Inbhir Nis aig Pàirc Celtic bho ghlèidh iad 3-1 ann an Cupa na h-Alba ann an 2000.

Thàinig an tadhal bho Billy MacAoidh às dèidh 64 mionaidean.

Oidhirp

A dh'aindeoin gach oidhirp a rinn Celtic às dèidh sin, s' ann aig ICT a bha an cothrom as fheàrr, MacAoidh a' bualadh a' mhaide-tarsainn is Efe Ambrose aig Celtic a' cur stad an uairsin air oidhirp bho Aaron Doran.

Bha manaidsear Inbhir Nis, Terry Butcher, air a dhòigh builleach glan às dèidh làimh.

"Rinn sinn a' chùis 3-0 aig Ibrox bho chionn beagan sheachdainean.

"Dhuinne a bhith a' soirbheachadh an aghaidh Celtic is Rangers aig na pàircean aca fhèin san aon sheusan agus gun tadhal a chall fiùs - uill tha sinn air eachdraidh a chruthachadh is tha sinn a-nise airson sin a dhèanamh a-rithist is a-rithist", thuirt e.

Ghluais na trì puingean Caley Thistle suas dhan chòigeamh àite san lìog, dìreach trì puingean air deireadh air Celtic fhèin aig a' mhullach.

Call

Cha deach cùisean ro mhath do Ross County Disathairne, is iad a' call 2-1 aig an taigh an aghaidh Dundee United.

Chaidh na Staggies air thoiseach le tadhal bho Iain Vigurs ach thàinig United air ais gu làidir is rinn iad a' chùis le tadhail bho Johnny Russell is Stiùbhart Armstrong.

Tha County fhathast san deicheamh àite san lìog.