BBC Naidheachdan

A' comharrachadh 40 bliadhna den t-Sabhal Mhòr

Published
image copyrightOther
image caption40 bliadhna bho chaidh SMO a stèidheachadh ga chomharrachadh le cuirm shònraichte aig Celtic Connections.
Thèid 40 bliadhna bho chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh a chomharrachadh aig cuirm shònraichte aig fèis Celtic Connections na h-ath-bhliadhna.
Bidh an seinneadair Julie Fowlis agus am fidhleadair Alasdair Friseal am measg na bhios air an àrd-ùrlar ann an Glaschu air an 19mh là den Fhaoilleach.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh agus Ealain an t-Sabhal Mhòir, Donnie Rothach:
''Tha na h-ealain air fad cudromach airson obair an t-Sabhail agus gu h-àraidh gu bheil ceangal againn ri ceòladairean bho dhiofar àiteachan.

Coimisean ùr

''Tha sinn a' bruidhinn ri Dòmhnall Seathach mu choimisean sònraichte a chur air chois ann a 2013.
''Tha e cudromach agus iomchaidh gu bheil oidhche mar seo gu bhith againn aig Celtic Connections.
''Gu h-àraidh gu bheil ceangal aig a h-uile duine a bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar ris an t-Sabhal,'' thuirt e.