BBC Naidheachdan

Co-rèite a thaobh foirmichean croitearachd?

Published
image captionThèid an dreach ùr den fhoirm a-nis a chur a-mach feuch beachd nan Clàrcan Baile fhaighinn air.
Chan fheum Clàrcan Baile fiosrachadh mu dhaoine fa-leth a chur gu Coimisean na Croitearachd fo mholaidhean a chaidh a dheasbad aig co-labhairt de luchd-measaidh a' Choimisein ann an Inbhir Nis.
Cha bheag sin de chonnspaid a th' air a bhith ann mu fhoirmichean a dh'iarradh air Clàrcan fiosrachadh a chur a-steach mu mar a bha daoine a' cleachdadh an fhearainn.
Bha clàrcan air a ràdh gun diùltadh iad am fiosrachadh sin a thoirt seachad.
Chaidh cruth ùr den fhoirm a chur air adhart aig a' cho-labhairt ge-tà, leis an robh daoine riaraichte, a' chiallaicheadh nach biodh fiosrachadh sònraichte mu dhaoine fa-leth a dhìth.
Tha ceithir pàirtean gu bhith ris an fhoirm ùr.
Dh'fheumte a' chiad phàirt dheth a lìonadh a-steach, ach cha leigeadh a leas daoine no croitean fa-leth ainmeachadh ann.
Bhiodh e an urra ris na clàrcan an uair sin co-dhiù lìonadh iad na pàirtean eile den fhoirm - ma tha, no mur a bheil iad airson gnothach a thogail leis a' Choimisean.
Thuirt Neach-gairm a' Choimisein, Susan Walker, gun robh an luchd-measaidh riaraichte leis an fhoirm ùr, agus nach robh iad ga fhaicinn bagairteach.
Thèid a-nis a chur a-mach gu na clàrcan baile fhèin feuch dè am beachd a th' acasan air.