BBC Naidheachdan

Buidheann ùr aig Holyrood

Published
image copyrightSNP
image captionChaidh Iain Finnie is Sìne Urchadain a thaghadh ann an 2011 mar bhuill liosta SNP dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.
Chaidh dithis a bha a' riochdachadh an SNP air a' Ghàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba nam buill air buidheann ùr aig Holyrood.
Chuir Iain Finnie agus Sìne Urchadain cùl ris an SNP san Damhair air sgàth atharrachadh ann an seasamh a' phàrtaidh air NATO.
A-nise tha iad air dearbhadh gun stèidhich iad buidheann-obrach ùr còmhla ri Margo Dhòmhnallach, a bha i fhèin uair na ball den SNP, agus an dithis bhall den Phàrtaidh Uaine aig Holyrood, Pàdraig Harvie is Alison NicIain.
Sgaoil an còignear brath-sgrìobhte mun ghluasad;
"Tha sinn air deasbad mar as urrainn dhuinn ag obair còmhla, is cho-dhùin sinn a' bhuidheann seo a stèidheachadh mar an doìgh as fheàrr an luchd-bhòtaidh a riochdachadh.
"Ged a tha sinn uile a' cur taic ri Alba neo-eisimileach agus seasmhach, chan e pàrtaidh poileataigeach a tha seo agus chan eil seasamh nam ball air atharrachadh idir", thuirt iad.
Bidh riochdachadh aig a' bhuidhinn ùir air biùro na Pàrlamaid.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Dithis a' fàgail an SNP