Beachdan gu leòr air gearraidhean
- Air fhoillseachadh

Thuirt Ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad gu math toilichte leis a' chuideachadh a fhuair iad bhon choimhearsnachd ann an co-chomhairleachadh phoblach mun bhuidseat aca.
Dh'iarr a' Chomhairle beachdan air mar as urrainn dhaibh £30m a chùmhnadh thairis air dà bhliadhna.
Bha sreath de choinneamhan ann air feadh na sgìre agus chaidh panal sònraichte le 2,000 neach a stèidheachadh 'son beachdachadh air sàbhalaidhean.
Am measg nam molaidhean a chuir a' Chomhairle air adhart bha giorrachadh a thoirt air an là-sgoile agus cosgaisean chuid de sheirbheisean na Comhairle àrdachadh.
Thuirt ceannard buidseat na Comhairle, Dàibhidh Fallows, gu bheil e glè thoilichte leis mar a chaidh am pròiseas.
Doirbh
"Gu follaiseach tha amannan doirbh romhainn, chan e dìreach an-dràsta ach san àm ri teachd cuideachd.
"Cuid de na sàbhalaidhean a chuir sinne air adhart, cha bhi againn rin cur an sàs an turas seo, ach tha sinn air beachd fhaighinn bhon phoball mun dèidhinn.
"Ma dh'fheumas sinn tilleadh thuca a-rithist, tha fios againn dè na sàbhalaidhean nach toir cus buaidhe air na daoine.
"Tha mi glè mhisneachail gun tèid againn air buidseat cothromach a chur air adhart air a' cheann thall," thuirt e.
Beachdaichidh comhairlichean air an fhianais air fad a chruinnich iad ro choinneamh mun bhuidseat sa Ghearran.