Dreuchd cheannaird ga h-ath-shanasachd

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Cha robh an aon neach a fhuair agallamh soirbheachail.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air innse nach deach aca air ceannard ùr fhastadh airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Chaidh agallamh a chumail Diluain, leis an aon tagraiche a bha air agallamh fhaighinn, ach cha deach an obair a thabhainn oirre.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid an obair a-mach gu tairgsean a-rithist a rèir poileasaidh na Comhairle.

Tha an t-ùghdarras ionadail air a bhith a' feuchainn ris an dreuchd a lìonadh o chionn trì bliadhna, agus cho-dhùin iad mu dheireadh a fosgladh gu daoine gun Ghàidhlig.

Tha pàrantan air a bhith ag iomairt 's dragh orra gun deadh an obair a thoirt do chuideigin gun Ghàidhlig, agus e air tighinn am bàrr nach robh an cànan aig an aon neach a fhuair agallamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile