BBC Naidheachdan

Comataidh Pàrlamaideach gus tadhal air Steòrnabhagh

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image caption'S e a' chiad turas a bhios a' chomataidh air coinneachadh sna h-Eileanan Siar.

Coinnichidh Comataidh Ath-Chuingean Poblach Phàrlamaid na h-Alba ann an Steòrnabhagh anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna.

'S e a' chiad turas a thèid obair na comataidh a thoirt dha na h-Eileanan Siar.

Tha e mar phàirt de Là na Pàrlamaid, a tha ag amas air cothrom a thoirt don t-sluagh air feadh na dùthcha obair na Pàrlamaid fhaicinn.

A bharrachd air coinneamh air 13mh am Màrt, bidh iad a' tadhail air sgoiltean agus buidhnean poblach.