BBC Naidheachdan

Mèirle an Loch Abar ga rannsachadh

Published
image captionChunnacas am fear mu dheireadh air Sràid Ghlinn Laoigh.
Tha Poilis a' Chinn a Tuath a' rannsachadh mèirle le sgithinn a chaidh a dhèanamh aig bùth ann an sgìre Chaol a' Ghearasdain.
Bha boireannach a bha ag obair ann feumach air cobhair ospadail, ged nach robh i air a droch leòn sa chùis aig bùth Togs oidhche Ardaoin.
Thuirt na poilis gu bheil an duine a tha fo amharas geal, mu shia troighean de dh'àirde agus tapaidh.
Bha fleece gorm air, a' còmhdach a smiogaid, a bheòil 's a shròine, le ad dorcha a dh'fhàg nach robh a shùilean rim faicinn.
Às dèidh làimhe chaidh fhaicinn a' ruith no a' coiseachd gu luath taobh Sràid Ghlinn Laoigh.