BBC Naidheachdan

Teadaidh a bhruidhneas Gàidhlig a-nis ri fhaighinn

Published
image copyrightother
image captionNochd am mathan an toiseach aig a' Mhòd ann an 2011 ann an Steòrnabhagh.
Tha teadaidh sònraichte a bhios a' bruidhinn Gàidhlig ri cloinn a-nis ri fhaighinn.
Bheir am mathan beag 33 facail bhunaideach do chloinn, 's e a-nis air tighinn às an luchd-dèanamh ann an Sìona.
Bidh e ag innse fhacal airson dathan, àireamhan agus cumaidhean do chloinn.
Chaidh ro-shamhla den teadaidh a thaisbeanadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh an-uiridh.
Nochd e an toiseach mar ghoireas a chuideachadh clann òga leis a' Ghaeilge, air a dhèanamh leis a' chompanaidh Bábóg, agus chaidh an uair sin a leasachadh, leis a' chompanaidh Acair à Leòdhas, airson na Gàidhlig.
"Tha leasachadh ghoireasan ùra airson roinn nan tràth-bhliadhnaichean na àrd-phrìomhachas," thuirt Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, Màiri Nic Ille Mhaoil.
"Tha sinn a' creidsinn gum bu chòir do ionnsachadh cànain aig aois òig a bhith spòrsail, agus tha sinn toilichte taic a thoirt do dh'Acair ann a bhith a' cruthachadh na dèideig eadar-obrachail seo airson clann òga air feadh Alba a chuideachadh ann an ionnsachadh na Gàidhlig," thuirt i.