BBC Naidheachdan

Taigh Savile gu bhith air a leagail?

Published
image captionCheannaich Savile an taigh ann an Gleann Comhann ann an 1998.
Feumaidh muinntir Ghlinne Chomhainn beachdachadh air am bu chòir an taigh a bh' aig Jimmy Savile sa ghleann a leagail, a rèir fhir de chomhairlichean an àite.
Thuirt Anndra Baxter gu bheil an taigh ann an àite gu math follaiseach sa ghleann agus nach dèan e feum sam bith dhan àite ma tha milleadh ga dhèanamh air tric is minig.
Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo gun deach peanta a smeuradh air ballachan an taighe, an treas turas a thachair an leithid ann an trì seachdainean.
Tha Savile, a chaochaill an-uiridh, an-dràsta fo rannsachadh is na ceudan chasaidean ann gun tug e ionnsaighean drabasta air chloinn.
Thuirt Mgr Baxter gu bheil ceistean air fhèin a-nise mu cho iomchaidh 's a bhiodh e an togalach a chur gu feum.

Beachdachadh

"Feumaidh sinn beachdachadh air an gabh an togalach seo a chleachdadh ann an dòigh a riaraicheas a h-uile duine.
"Ma tha beachd làidir san sgìre seo gum biodh e na b'fheàrr na cuimhneachan a bh' againn air Saville sa ghleann a dhubhadh às - 's dòcha gur e an taigh a leagail an aon dòigh air sin a dhèanamh," thuirt e.
Cheannaich Jimmy Savile an taigh ann an Gleann Comhann ann an 1998.
Bha carthannas Savile cheana an dùil a dhèanamh na ionad fois do chiorramaich.
Cha thachair sin a-nise agus an t-urras air an cuid obrach a sguir ri linn an sgainneil mu Saville.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Taigh Savile ann an Gleann Comhann air a mhilleadh