Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Barack Obama

Ghlèidh Barack Obama teirm eile de cheithir bliadhna mar Cheann-suidhe sna Stàitean Aonaichte, 's e a' dèanamh na cùise air a' Phoblachdach Mitt Romney le buaidh nas motha na bha dùil. Shoirbhich le Mgr Obama anns na stàitean as cudromaiche agus fhuair e na bha a dhìth air de bhòt Cholaiste an Taghaidh. Bha bhòt a' mhòr-shluaigh, a' bhòt phoblach, gu math nas fhaisge ge-tà.

Scalpaigh

Tha muinntir Scalpaigh air bhòtadh airson sealbh a ghabhail air an eilean dhaibh fhèin, ach mar phàirt de dh'Urras Cheann a Tuath na Hearadh. Bha dà cheist sa bhaileat, a chaidh fhoillseachadh an-raoir, agus sheall a' chiad tè gu bheil cha-mhòr a h-uile duine a bhòt ag iarraidh smachd a ghabhail air an eilean. Ach bha bhòt air am biodh sin còmhla ri Urras Cheann a Tuath na Hearadh gu math nas fhaisge.

Siria

Tha am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, ann an Iòrdan an-diugh, air thuras dhan Ear-Mheadhanach, far am bi e a' bruidhinn air an t-suidheachadh ann an Siria. Thuirt Mgr Camshron an-dè gum faodadh cothrom a thoirt do Cheann-suidhe Shiria, Bashar al Assad, teicheadh gu sàbhailte às an dùthaich nan toireadh sin crìoch air a' chogadh shìobhalta. Agus tha riaghaltas Bhreatainn ag ullachadh cuideachd airson chòmhraidhean ris na Reubaltaich ann an Siria.

Èirinn a Tuath

Thuirt Poilis ann an Èirinn a Tuath gun deach duine a tha 46 bliadhna de dh'aois a chur an grèim ann an Lurgan, Co. Aird Mhacha, co-cheangailte ri murt an oifigeir Phrìosain Dàibhidh Black an t-seachdain seo chaidh. Chaidh triùir a chuireadh an grèim an t-seachdain seo chaidh a shaoradh.

Patton

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad an dòchas obraichean ionadail a dhìon ged a tha a' chompanaidh aig an robh am prìomh chùmhnant airson na h-obrach air Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh a-niste ann an rianachd. Tha companaidhean eileanach ag ràdh nach d'fhuair iad am pàigheadh, luach ceudan mhìltean not bho Patton, a tha stèidhichte ann an Èirinn a Tuath. Cumaidh Patton orra ag obair gus an co-dhùin an luchd-rianachd dè an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ris an t-suidheachadh.