Dà thaigh-grùdaidh eileanach a' dol còmhla

Leann Image copyright Getty Images
Image caption Thathas airson coimhead ri fada a bharrachd leanna a reic a-null thairis.

Tha dà de na meanbh-thaighean-grùdaidh as sine ann an Alba gus dol an ceann a chèile.

Thèid Companaidh Ghrùdaidh an Eilein Sgitheanaich agus Taigh-Grùdaidh Eilein Arainn còmhla, gus Arran Brewery plc a chruthachadh.

Bidh mu £1.2m a' dol tron chompanaidh ùir gach bliadhna, agus grùdaidh iad cha-mhòr 500,000 liotair leanna sa bhliadhna.

Tha a' chompanaidh ùr an dòchas piseach a thoirt air na tha iad a' fàs an dà chuid ann an Alba agus thall thairis.

"Tha sinn an dùil, an ath-bhliadhna, taigh-grùdaidh ùr a thogail ann an Arainn," thuirt àrd-stiùiriche na companaidh ùire, Gerald Michaluk.

"Fàgaidh sin gum bi sinn a' dèanamh 16,000,000 liotair sa bhliadhna, airson a chur a-null thairis as motha.

"Tha sinn airson fàs a thoirt air a' ghnothachas gu luath thairis air an ath thrì bliadhna, le bhith a' leasachadh na margaidh againn san Rìoghachd Aonaichte, agus gu h-eadar-nàiseanta," thuirt e.

Dh'innis an iomairt airson leann traidiseanta (Camra) gu bheil a-nis 1,000 taigh-grùdaidh ann am Breatainn. Sin am figear às àirde o chionn 70 bliadhna.

Dh'fhosgail 158 taigh-grùdaidh ùr thairis air a' bhliadhna a dh'fhalbh a-mhàin - an àireamh a bu mhotha a chlàr an iomairt riamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile