Corp ann an Uisge Spè ga ainmeachadh

Tha na Poilis air duine a chaidh a lorg marbh ann an Uisge Spè faisg air Cnoc Cheannachd ainmeachadh.

B' e Iain Grannd, a bha 71, 's a bha a' fuireach faisg air Baile nan Granndach.

Bha Mgr Grannd a dhìth bho dhachaigh fad còig seachdainnean.

Thuirt na Poilis nach eil dad amharasach mu a bhàs.