BBC Naidheachdan

Dàil eile air càbal fon mhuir

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionCha bhi an càbal a-nis deiseil gu co-dhiù an Damhair 2016.
Chaidh maill air planaichean airson càbal dealain a chur fon mhuir eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr.
Thuirt Hydro na h-Alba nach bi e deiseil gu cho-dhiù an Damhair 2016.
Cuideachd, tha a' bhuidheann leasachaidh ag ràdh gun cosg e faisg air £300m a bharrachd na bha dùil.
Thathas a' faicinn a' cheangail ri Tìr Mòr mar rud riatanach airson buannachd fhaighinn à cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar.
À aonais, cha ghabh tuilleadh cumhachd a chur ris a' Ghriod Nàiseanta bho na sgeamaichean gaoithe agus mara a tha san amharc san sgìre.