Deagh bhliadhna aig a' Chlò Mhòr

Tha Fòram Gnìomhachas a' Chlò Mhòir air fàilte a chur air dearbhadh gur e am bliadhna a' bhliadhna a b' fheàrr a bh' aig a' ghnìomhachas fad cha-mhòr 15 bliadhna.

Choinnich a' bhuidheann, a tha a' toirt còmhla diofar roinnean den ghnìomhachas, ann an Steòrnabhagh Dimàirt.

Thuirt Iain Aonghas MacChoinnich, àrd-oifigear Clò Mòr Innse Gall ann an Siabost, gun robh iad misneachail gun robh cothromachadh aca eadar an àireamh de bhreabadairean, comasan nam breabadairean agus iarrtas a' mhargaidh.