BBC Naidheachdan

Ro-innleachd ùr eaconamach ann am Moireibh

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionTha eaconamaidh Mhoireibh air a bhith gu mòr a' crochadh air an roinn phoblaich.

Thathas an dòchas gum fàg ro-innleachd eaconamach ùr ann am Moireibh nach bi duine san sgìre gun chosnadh.

Chaidh aonta a dhèanamh oidhche Luain às dèidh coinneimh de Chòmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Chuir Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, ainm ris an aonta, anns am bi buidhnean poblach agus prìobhaideach ag amas air neart ionmhasail Mhoireibh a leudachadh, a' toirt cuideim far na roinne poblaich san sgìre.

Tha saidheansan beatha, turasachd, biadh agus deoch am measg nan roinnean a bhios an sàs.

Cuirear cuideachd fòcas nas geòire air Eilginn, mar phrìomh ionad coimearsalta na sgìre.