50 taigh san amharc do Steòrnabhagh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Dheadh na taighean a reic tro Chom-pàirteachas Taigheadais Innse Gall.

Tha a' chompanaidh togail UBC Developments, airson cha-mhòr 50 taigh a thogail air làrach a bha roimhe na ionad-àraich lusan air Barraid Tolmie ann an Steòrnabhagh.

'S ann tro Chom-pàirteachas Taigheadais Innse Gall a dheadh na taighean a reic, ri luchd-ceannaich ùr as motha, tro sgeama equity co-roinnte an Riaghaltais Albannaich.

'S i companaidh a chaidh a chruthachadh le Seumas Pedrana, a b' àbhaist a bhith na stiùiriche air a' chompanaidh togail UBC (Uist Builders) a chaidh a chur ann an rianachd na bu tràithe am bliadhna, a th' ann an UBC Developments.

Thèid an t-iarrtas air beulaibh na Comhairle air an ath-mhìos.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh