Fireannach a dhìth ann am Moireibh

Thòisich iomairt as ùr ann am Moireibh gus fireannach air nach robh sgeul bho Dhidòmhnaich.

Chunnacas Uilleam Robb, a tha 75, mu dheireadh 's e a' coiseach còmhla ri caraid air Slighe Shrath Spè eadar Fachabair agus Creag Eallachaidh, mu 10:30m Didòmhnaich.

Tha Mgr Robb, a bhuinneas do sgìre Obar Dheathain, 5'6" de dh'àirde, 's e caol.

Bha seacaid ghorm Goretex air, le briogais, botannan monaidh, agus bha màilleid uaine ri a dhruim.

Cha deach aig sgiobannan teasairginn, a bha ag obair le coin, air sgeul fhaighinn air Mgr Robb Didòmhnaich.