Slèitich ag iarraidh barrachd ùine mu thuathanas-èisg

Tha Muinntir Shlèite, san Eilean Sgitheanach, ag iarraidh barrachd ùine bho Comhairle na Gàidhealtachd gus an cuid bheachdan a chur thuca mu phlana airson tuathanas-èisg a stèidheachadh san sgìre.

Tha Marine Harvest a' sireadh cead airson an leasachaidh aig Rubha Shùdhisnis ann an Loch Slaopainn ach cha do dh'iarradh beachd bho muintir Shlèite leis nach bitheadh e taobh a-staigh chrìochan na comhairle coimhearsnachd aca.

Tha draghan ann gun dèan an leasachadh cron air an àrainneachd agus an eaconamaidh a dh'aindeoin nan obraichean a th' air an gealltainn.