BBC Naidheachdan

Sgoil ùr an Òbain ceum nas fhaisge

Published
image copyrightÀrd-Sgoil an Òbain
image captionGheall Riaghaltas na h-Alba gum pàigh iadsan dà thrian de chosgais na sgoile ùire.
Dh'aontaich comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal gun tèid plana gnìomhachais a dheasachadh a thaobh àrd-sgoil ùr a thogail san Òban.
Rachadh an goireas an àite Àrd-Sgoil an Òbain.
Gheall Riaghaltas na h-Alba mar thà gum pàigh iadsan dà thrian de chosgaisean na pròiseict.

Prionnsabal

Aig coinneamh Diardaoin dh'aontaich a' Chomhairle ann am prionnsabal gum pàigh iadsan an còrr, ma 's e is gun tèid an leasachadh air adhart.
Tha cruaidh fheum air sgoil ùir, a rèir fhir de chomhairlichean Latharna agus Ceann a Tuath an Òbain, Alasdair MacDhùghaill.
"An sgoil a th' ann, tha e a' fàs sean.
"Chan eil gu leòr rùm ann son a' churraicealaim son sàr-mhaitheis a tha a' dol air aghaidh a-niste - feumaidh sinn sgoil mhath," thuirt e.

Làrach

Bidh a' Chomhairle a-niste a' beachdachadh air làrach son na sgoile ùire, cho math ri cò às a thig an t-airgead.
Bha comhairlichean cuideachd a' bruidhinn air àrd-sgoil ùir do Cheann Loch Cille Chiarain.
Tòisichidh co-chomhairleachadh air na planaichean sin air an 17mh den t-Samhain is a' Chomhairle gun sònraichte ag iarraidh bheachdan air làrach son na sgoile.