BBC Naidheachdan

Ar-a-mach mu riaghailtean croitearachd

Published
image captionTha dùil gun diùlt cuid mhòr nan Clàrcan baile an obair a dhèanamh.
Tha coltas ann nach bi buidhnean chroitearan deònach a bhith an sàs ann an clàradh mar a tha talamh croitearachd ga chur gu feum agus a bheil dleastanasan nan croitearan gan coileanadh.
Tha sin air iarraidh mar phàirt de dh'Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd, ach tha dùil gur e glè bheag de chomataidhean baile agus de chlàrcan baile a tha deònach na h-aithisgean ullachadh.
Fon Achd, bu chòir gum bi clàrcan baile ag ullachadh aithisgean air mar a tha talamh nam bailtean ga chleachdadh.
Feumaidh na h-aithisgean sin a bhith a' mìneachadh na tha a' dol air a h-uile croit fa-leth sa bhaile, agus co-dhiù tha croitearan eadar-dhealaichte a' coileanadh an cuid dleastanasan a thaobh a bhith a' fuireach faisg air làimh agus a bhith a' cur an fhearainn gu feum san dòigh cheart.

27 Sgìrean gun Chomataidh

Tha Coimisean na Croitearachd an dùil gum bi aithisgean a-staigh mun Ghiblean 2013, agus às dèidh sin, nach fheumadh aithisg eile a bhith ann gu an ceann còig bliadhna.
Thathas a' tuigsinn gun diùlt a' mhòr-chuid de na clàrcan baile an obair sin a dhèanamh.
Thuirt Fiona Mandeville, bho Chaidreachas Chroitearachd na h-Alba, gun robh na riaghailtean ùra mì-reusanta.
Tha 27 sgìrean air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun chomataidh baile. Tha a' Bh.Ph. Mandeville ag ràdh gur e an leithid seo de riaghailtean as coireach.
Thuirt i, ged a tha an Caidreachas gu mòr airson 's gum bi daoine a' cleachdadh an cuid fearainn, nach e seo an rathad sin a thoirt gu buil.
Thuirt fear a bha uair na chathraiche air a' Chaidreachas, Niall MacLeòid, à Leòdhas, nach biodh ann ach daoine ri brathadh air na nàbaidhean aca fhèin.
A thaobh na h-Achd, cha bhi peanas mòr sam bith air na clàrcan ma dhiùltas iad an obair a dhèanamh.