BBC Naidheachdan

Puinnseanachadh cyanide ann an Leòdhas

Published
image copyrightIAIN MACIVER
image captionB'fheudar an ceathrar a ghlanadh le bùrn mus d'fhuair iad cùram ann an teanta sònraichte taobh a-muigh an ospadail.
Chaidh an ceathramh duine a leigeil às an ospadal ann an Steòrnabhagh às dèidh dragh gun deach e fhèin agus triùir eile a ghannrachadh leis a' phuinnsean Cyonide.
Fhuair an ceathrar, dithis luchd-eiridinn nam measg, cùram oidhche Chiadain, às dèidh mar a chuidich triùir aca an ceathramh fear a thoirt don ospadal.
Tha dùil gur e fear leis a bheil loidse-iasgaich ann an Ùig', Dickon Green, a bh' air a ghannrachadh an toiseach.
Bha Mgr Green a' feuchainn ri canastair cyanide a bh' aige na dhachaigh a dhèanamh sàbhailte nuair a fhuair am puinnsean ma sgaoil.
Is coltach gun robh e ag ullachadh airson an seann chanastair a chur air falbh gu ionad air Tìr Mòr a tha a' dèiligeadh ris an leithid.
Chaidh e a dh'iarraidh cobhair mhedigich, ach seach gun toireadh e ro fhada carbad-eiridinn fhaighinn thuige, thug a nàbaidh lioft dha dhan ospadal.
Choinnich an carbad-eiridinn riutha aig ceann-rathaid Bheàrnaraigh, agus bha iad a' dèanamh air Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh nuair a chuir na poilis stad orra.
Chaidh Mgr Green, agus a nàbaidh, a fhrasadh le bùrn mus deach an toirt gu teanta sònraichte a chaidh a chur an-airde taobh a-muigh an ospadail.
B' fheudar cuideachd don dithis neach-eiridinn a bhith air an glanadh.
Thuirt poilis gu bheil iad a' rannsachadh na cùise, agus tha luchd-smàlaidh ag ràdh gu bheil an loidse agus an sgìre mun cuairt sàbhailte.