Scalpaich gus bhòtadh

Scalpaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bidh fios tràth an ath-mhìos dè tha ann am beachd mhuinntir Scalpaigh son an eilein.

Gheibh muinntir Scalpaigh pàipearan-baileat sa phost an t-seachdain seo is iad gus bhòtadh air dè tha an dàn dhan eilean.

Tha an t-uachdaran, Fred Taylor, a' tabhainn Scalpaigh dha na h-eileanaich gun chosgais.

Chuala coinneamh san eilean oidhche Mhàirt gum faodadh Scalpaigh soirbheachadh fo smachd na coimhearsnachd.

Bhathar a' beachdachadh air sgrùdadh a rinneadh mun chùis às leth Buidheann Stiùiridh Fearainn Scalpaigh.

Cumhachd ath-nuadhachail

Chualar gun gabhadh bàtaichean-seòlaidh a tharraing dhan eilean agus gum faodadh brath a ghabhail air na cothroman a tha an lùib chumhachd ath-nuadhachail, am measg eile.

Bidh na pàipearan bhòtaidh a' dol a-mach an t-seachdain seo is feumar an tilleadh ron an 6mh den t-Samhain.

Bidh dà phàipear ann, fear son faighinn a-mach a bheil na Scalpaich ag iarraidh an t-eilean a ghabhail thairis iad fhèin, no am b'fheàrr leotha a dhol còmhla ri Urras Cheann a Tuath na Hearadh.

Thèid an cunntadh an oidhche sin fhèin.