Co-chomhairleachadh buidseit na Comhairle

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Feumaidh a' Chomhairle £6.1m eile a chùmhnadh ro 2015.

Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar sreath de choinneamhan co-chomhairleachaidh a thaobh am planaichean gus gearraidhean sa bhuidseat aca a chur an sàs.

Feumaidh an t-ùghdarras ionadail £6.1m a chùmhnadh thairis air an ath dhà bhliadhna.

Ged nach tig lùghdachadh air na gheibh ùghdarrasan ionadail na h-Alba bhon Riaghaltas gu ruige 2015, tha mar a tha an sluagh sna h-Eileanan Siar a' crìonadh a' fàgail gun tig lùghdachadh £2.2m air buidseat na Comhairle eadar 2013 agus 2015.

A thuilleadh air sin tha dùil gun cuir an atmhorachd £3.4m ri cosgais sheirbheisean na Comhairle thairis air an aon ùine, le £1.2m dheth sin mar thorradh air àrdachadh pàighidh 1%.

'S ann a thaobh ath-leasachaidh shochairean, cìs an sgudail agus stòrasan atharrachaidh a tha an t-àrdachadh cosgais as cudromaiche, agus tha dùil gun cuir sin £0.5m ri buidseat na Comhairle thairis air an ath dhà bhliadhna.

Chaidh aig a' Chomhairle air còrr is £10m a chùmhnadh thairis air na trì bliadhna mu dheireadh.

Cuiridh a' Chomhairle na molaidhean a th' aca airson a' chòrr den chùmhnadh air beulaibh a' phobaill aig sreath choinneamhan air an ath-mhìos.

Thèid na molaidhean aontachadh aig coinneimh den Chomhairle air 1mh an t-Samhain.

'S ann a rèir a' chlàr-ama seo a leanas a thèid na coinneamhan sin a chumail:

  • Diluain 12na an t-Samhain, Sgoil Shir E. Scott, Tairbeart na Hearadh, 7:30f.
  • Dimàirt 13mh an t-Samhain, Ionad Chloinn MhicGhuaire, Borgh, Leòdhas, 7:30f.
  • Diluain 19mh an t-Samhain, Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, Barraigh, 7:30f.
  • Dimàirt 20mh an t-Samhain, Sgoil Dhalabroig, Uibhist a Deas, 6:00f.
  • Dimàirt 20mh an t-Samhain, Talla Chàirinis, Uibhist a Tuath, 8:30f.
  • Diardaoin 22na an t-Samhain, Seòmar na Comhairle, Steòrnabhagh, 6:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile