Droch thubaist air rathad Ulapuil

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhThachair an tubaist air an A835, faisg air Taigh-Òsta an Uillt Ghiuthais.

Chaidh fear a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis le heileacoptair agus e air a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid air a' Ghàidhealtachd feasgar Dimàirt.

Bha an duine, a tha 31, a' siubhail air motair-baidhsagail nuair a thachair an tubaist.

Bha trì charbadan uile gu lèir an sàs san tubaist faisg air Taigh-Òsta an Uillt Ghiuthais air an A835 eadar Ulapul agus an Todhar.

Chuir ceò maill air an luchd-teasairginn is thàinig air an heileacoptair laighe dà mhìle air falbh bho Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Chaidh an duine an uair sin a thoirt dhan ospadal ann an carbad-eiridinn.

Bha an rathad dùinte fad mu chòig uairean de thìde agus poilis a' rannsachadh na thachair.

Dh'iarr Poilis a' Chinn a Tuath air duine sam bith a chunnaic an tubaist fios a chur orra air 01463 715 555.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh