O na h-Eileanan, le Gaol

Mosgo
Image caption Thuirt Brian MacUilleam gu bheil an aimsir san Ruis na cuideachadh don Chlò.

Tha a' chompanaidh Clò Mòr Innse Gall ag ràdh gu bheil iad misneachail gum faod an Ruis a bhith na margaidh mhòr dhan chlò, às dèidh taisbeanaidh fasainn ann am Mosgo.

Bha iad an sàs ann an iomairt ann an Ambasaid Bhreatainn sa bhaile fad dà là, air a chur air dòigh le Leasachadh Eadar-Naiseanta na h-Alba.

Thuirt cathraiche na companaidh, Brian MacUilleam, gun robh an Ruis a' freagairt air companaidhean aodaich Albannach a thaobh stoidhle, urram do dhualchas agus a thaobh na sìde.

Thuirt e cuideachd gur e margaidh a th' ann sa bheil e doirbh faighinn a-steach, ach às an tig buannachd mhòr do chompanaidhean leis an soirbhich.

Tha dùil gum fàg iarrtas mòr ann an Àisia gun tèid còrr air millean meatar de Chlò Mhòr a dhèanamh am bliadhna. Ann an 2009, cha deach ach 500,000 meatar a dhèanamh.

'S ann a Iapan a thèid 40% den Chlò Mhòr a thathas a' cur a-null thairis, barrachd na thèid a rèic sa Ghearmailt.

"Tha sinn air a bhith ag obair air margaidh na Ruis o chionn trì bliadhna a-nis, agus 's e seo an ùidh as motha a fhuair sinn thuige seo, an dà chuid bho mhargaidh an fhasainn, agus margaidh an fhàrnais," thuirt Mgr MacUilleam.

"Tha ùidh mhòr san Ruis an-dràsta ann an stuth agus traidiseanan à Breatainn.

"Mar eisimpleir, bha a' chiad "Chuairt Chlò" aca ann am Mosgo o chionn seachdain no dhà, agus nochd 300 duine agus aodach clò orra, 's chaidh iad timcheall pàirce ann am Mosgo air baidhseagailean. B' e Clò Mòr a bh' air cuid mhath dhiubh, 's bha an fheadhainn eile airson 's gur e sin a bh' orrasan cuideachd," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile