Tiriodh air fhàgail gun phoileas
Chaidh càineadh a dhèanamh air Poilis Shrath Chluaidh seach nach robh oifigear stèidhichte aca ann an Tiriodh agus an t-oifigear as àbhaist a bhith ann air làithean-saora.
Disathairne, dh'fheumadh dithis oifigear a thoirt dhan eilean le heileacoptair.
Bha feum orra airson tubaist eadar càr agus tractair a rannsachadh.
Tha an Comh. Fred Hall, a bha na Àrd-Inspeactoir sna Poilis e fhèin, air sgrìobhadh gu Ùghdarras Phoileas Srath Chluaidh a' faighneachd carson nach robh oifigear aca ann an Tiriodh aig an àm.