Comhairliche air buidheann riaghlaidh fhàgail
- Air fhoillseachadh

Tha comhairliche às Inbhir Nis a' fàgail buidheann an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd.
Chuir an Comh. Dòmhnall Mac Ille Chiar, a tha a' riochdachadh Meadhan Inbhir Nis, post-dealain do bhuill eile na buidhne madainn Dimàirt, ag ràdh nach robh e airson a bhith sa bhuidhinn, a tha a' riaghladh na Comhairle, tuilleadh.
Bha Dòmhnall Mac Ille Chiar gu mòr an sàs anns an iomairt an aghaidh oidhirpean na Comhairle gus an stòras taigheadais a chur ann an làmhan buidhne fa-leth.
Mar chomhairliche a tha stèidhichte anns a' Mharc-Innis, tha e air an iomairt sin a leantail aig ìre choimhearsnachd.
Chaidh an Comh. Mac Ille Chiar a chur a-mach às a' bhuidhinn riaghlaidh SNP rè ùine an-uiridh, ri linn rudan a chaidh fhàgail air gun tuirt e ri ball eile SNP.
Tha ceannard na buidhne, an Comh. Drew Hendry, a tha cuideachd na Cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd, ag ràdh gu bheil an Comh. Mac Ille Chiar air a cho-dhùnadh a dhèanamh seach gu bheil e a' faireachdainn gun urrainn dha muinntir na sgìre aige a riochdachadh nas fheàrr taobh a-muigh na buidhne SNP.