Norobhìoras aig taigh-òsta san Òban?

Air fhoillseachadh

Tha tinneas dìobhart air nochdadh aig taigh-òsta anns an Òban, 's amharas gur e norobhìoras a th' ann.

Bha cha-mhòr cairteal de dhaoine aig Bay Great Western Hotel, a tha ga ruith leis a' chompanaidh Shearings Holidays, a' fulang leis.

Thuirt labhraiche oidhche Ardaoin, gun robh 27 duine tinn, 's coltas gur e norobhìoras a th' orra.

Tha an taigh-òsta fosgailte, 's 106 duine a' fuireach ann.

Thuirt tè-labhairt bho Chomhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid gu bheil an sgioba slàinte àrainneachail aca an sàs sa chùis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh