Bann-leathann an t-Sabhail Mhòir

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh, Tha an lìonra a' tighinn còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig.

Bheir sgeama coimhearsnachd ùr bann-leathann gu math nas fheàrr do dhachannan agus do ghnothachasan ann an sgìrean iomallach den Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Tha eòlaichean air a bhith ag obair còmhla ri buidhnean ionadail, gus lìonra eadar-lìn fìor luath a chruthachadh, a tha a' ceangail nan Eileanan Beaga, agus sgìrean iomallach de Thìr Mòr na Gàidhealtachd ri chèile.

Tha an siostam ga chomharrachadh aig co-labhairt a thathas a' cumail aig Sabhal Mòr Ostaig Dihaoine.

Tha an teicneòlas a' cleachdadh lìonra de cheanglaichean, air chosgais bhig, a thig còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach airson ceangal fhaighinn ris an eadar-lìon.

Tha luchd-rannsachaidh an dòchas gur e freagairt a th' anns an t-siostam seo do thrioblaidean eadar-lìon ann an sgìrean iomallach.

Tha eòlaichean aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean air a bhith ag obair ann an co-bhanntachd le Oilthigh Dhùn Èideann airson a thoirt gu buil.

Thòisich an t-seirbheis ann am Bàideannach an t-seachdain seo chàidh, 's tha am bann-leathann an sin a-nis 16 uidhir nas fheàrr na bha.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh