Dragh gun sgap an galar Schmallenberg thar na crìcha à Sasainn

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Bheir an galair air stoc an àl a thilgeil tràth, 's ciorramachd air na thèid a bhreith beò.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tighinn fo ìmpidh ceumanan a ghabhail an aghaidh a' ghalair Schmallenberg a th' air nochdadh an Ceann a Tuath Shasainn.

Tha an galair a' toirt air stoc a bhith a' tilgeil an àl tràth, 's a' fàgail bheathaichean a thèid a bhreith beò le ciorramachd.

Thàinig e am follais an ceann a tuath Yorkshire agus Northumberland.

Thuirt Labhraiche nan Làbarach an Alba air an àrainneachd, Claudia Beamish, gum feum an Riaghaltas obrachadh còmhla ri DEFRA gus stad a chur air bho bhith a' sgapadh thar na crìche.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh