Ainm oifigeil do sgoil Ghàidhlig ùr Dhùn Èideann

Bonnington Primary. From Google maps Image copyright Other
Image caption Tha obair-leasachaidh ga dèanamh air an togalach airson a h-ullachadh.

Tha sgoil Ghàidhlig ùr Dhùn Èideann air a h-ainm oifigeil fhaighinn.

'S e Bun-sgoil Taobh na Pàirce an t-ainm ùr a tha a-nis gu bhith air seann sgoil Bhonnington, far am bi an sgoil Ghàidhlig.

Tha dùil gum fosgail an sgoil ùr anns an Lùnastal an ath-bhliadhna.

Tòisichidh clàradh airson P1 na h-ath-bhliadhna san Dùbhlachd, nuair a thèid ceannard na sgoile a chur an dreuchd.

Tha aonad na Gàidhlig ann am Bun-sgoil Chrois na Cìse a-nis làn gu doras, le 221 pàiste eadar an sgoil-àraich agus a' bhun-sgoil.

Tha obair-leasachaidh luach £3.53m ga dèanamh air seann sgoil Bhonnington airson a h-ullachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile