Tha Ospadal an Ath Leathainn dùinte ri linn tinneis

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha an ospadal dùinte do dh'euslaintich ùra agus do luchd-tadhail.

Tha Ospadal an Ath Leathainn, san Eilean Sgitheanach, dùinte do dh'euslaintich ùra 's do luchd-tadhail.

Tha an dà chuid euslaintich agus luchd-obrach air fàs tinn 's iad air a bhith a' cur a-mach.

Thàinig e air còignear euslainteach, 's dithis dhiubh fhathast san ospadal anns an Ath Leathann.

Tha 14 duine den luchd-obrach cuideachd tinn.

Aig a' cheart àm, fosglaidh uard lannsaireachd aig Ospadal an Ràthaig Mhòir as ùr Diciadain, às dèidh dha a bhith air a ghlanadh gu mionaideach.

Chaidh uard 4C a dhùnadh do dh'euslaintich ùra air a' mhìos seo chaidh, às dèidh dhan tinneas Clostridium-Difficile tighinn air triùir de na h-euslaintich.

Tha an uard air a bhith dùinte gu tur bho Dhiluain 's tha iad air a bhith a' cleachdadh dòigh ghlanaidh ùir le gas hydrogen peroxide.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh