Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

2 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nighean a dhìth

Thuirt polais anns a' Chuimrigh gu bheil iad a' sìor fhàs draghail mu nighean bhig 5 bliadhna a dh'aois a chaidh a thoirt am bruid a-raoir. Tha na ceudan dhaoine a' cuideachadh nam poileas a' coimhead son April Jones à Machynlleth faisg air Aberystwyth a chaidh fhaicinn a' falbh còmhla ri cuideigin ann an bhan a-raoir.

Co-labhairt nan Làbarach

Thug ceannardan nan Làbarach ann an Alba an aghaidh air an SNP agus iad ag ràdh gur iad na Làbaraich an aon phàrtaidh a tha comasach air an Rìoghachd Aonaichte a ghlèidheadh agus Alba a chumail bho neo-eisimeileachd. Thuirt Rùnaire Albannach nan Làbarach, Mairead Curran, aig co-labhairt a' phàrtaidh ann am Manchester gun toir referendum ann an 2014 buaidh a h-uile duine ann am Breatainn. Agus chuir ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomain, dìon oirre fhèin son a bhith ag ràdh a-rithist gu feum sùil as ùr a thoirt air siostam nan sochairean sòisealta. Thuirt ise gu feum tomhas a bheil a h-uile duine a tha a' faighinn shochairean airidh orra agus gum bu chòir airgead a thèid a shàbhaladh a chur ri rudan mar foghlam.

Neo-eisimeileachd

Canaidh Ard Fhear-Tagraidh na h-Alba, a Morair Uallas, an diugh gu feumadh Alba neo-eisimeileach ballrachd mar stait ur iarraidh anns an Aonadh Eorpach, gu feumadh Alba gabhail ris an euro agus aonta a ruigheachd a thaobh smachd air criochan na duthcha. Tha Riaghaltas na h-Alba a'dol as aicheadh sin.

Abu Hamza

Tha an Àrd Chùirt ann an Lunnainn ag èisteachd ri oidhirp eile air an cleireach radigeach Muslamach, Abu Hamza, a ghlèidheadh bho chur do na Stàitean Aonaichte far a bheil e fo chasaidean ceannairc. Tha fear-lagh dha ag ràdh gu bheil a shlàinte air a dhol bhuaithe.

Eaconamaidh

Tha an ìre aig a bheil eaconomaidh Bhreatainn a' fàs fhathast lag, a-rèir Sheòmraichean Malairt Bhreatainn. Rinn iad sgrùdadh air còrr 's 7000 companaidh 's fhuair iad gu robh na bha iad a' reic aig an taigh 's thall thairis air tuiteam. Ach, tha iad den bheachd gum bi toradh na dùthcha, an GDP, nas fheàrr san treas cairteal den bhliadhna.

Feachd Poileis Singilte

Thuirt an t-aonadh UNISON gur e buille mhòr a bhios ann dhan Gàidhealtachd ma thèid cha mhor ri 3000 de luchd-obrach nam poileas a chall nuair a thig aon fheachd poileis gu bith an ath bhliadhna. Tha Unison ag ràdh gum bi sin a' ciallachadh nas lugha de dh'oifigearan poileis ann an coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.